Martinus Veltman
'S e eòlaiche-fiosaig às na Tìrean Ìsle a th' ann am Martinus Justinus Godefriedus Veltman (IPA: mɑrˈtinʏs jʏsˈtinʏs ɣoːdəˈfridʏs ˈvɛltmɑn, Waalwijk, 27 an t-Ògmhios 1931 - Bilthoven, 1 am Faoilleach 2021).[1]
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]B' e ceannard bhun-sgoil a bh' ann athair agus bha triùir bràthair-athar nan luchd-teagaisg cuideachd. Phòs e aig a bhean Annelke ann an 1960 agus tha nighean aca. Thoisich e fiosaig ionnsachadh aig Oilthigh Utrecht ann an 1948 agus an uair sin rinn e dotaireachd fo Léon Van Hove bho 1953 gu ruige 1956. Chaidh e gu CERN ann an Geneva ann an 1961 còmhla ri Van Hove, a bha os cionn a' phròiseact. bha e cuideachd ann an Stamford thall sna Stàitean cuideachd. Thill e dhan dùthaich aige ann an 1966 agus stiùir e Gerardus 't Hooft tron dotaireachd aige air teòiridhean Yang-Mills gu ruige 1971.[2] Chuir e seachad na bliadhnaichean bho 1981 gu ruige 1996 aig obair aig Oilthigh Mhichigan. Chaochail e ann an 2021.[3]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs còmhla ri Gerardus 't Hooft fhèin ann an 1999 airson an cuid obrach air structar quantamach nan eadar-obraichean eileagtronaiceach lag.[4]
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]- (1966): Divergence Conditions and Sum Rules. Physical Review Letters 17: 553-556 .
- (1968): Perturbation Theory of Massive Yang–Mills Fields. Nucl. Phys. B 7: 637 . DOI: 10.1016/0550-3213(68)90197-1.
- (1967): Some Comments on the Decays of eta (550). Physical Review 154 (5): 1469-1474 .
- (1972): Regularization and renormalization of gauge fields. Nucl. Phys. B 44 (1972): 189-213 . DOI: 10.1016/0550-3213(72)90279-9. (còmhla ri 't Hooft)
- (1972): Combinatorics of gauge fields. Nucl. Phys. B 50: 318-353 . DOI: 10.1016/S0550-3213(72)80021-X. (còmhla ri 't Hooft)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ NNDB
- ↑ 't Hooft, G. (1971). "Renormalization of massless Yang-Mills fields". Nuclear Physics B. 33: 173–177. Bibcode:1971NuPhB..33..173T. doi:10.1016/0550-3213(71)90395-6.
- ↑ “Martinus J.G. Veltman - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2021.
- ↑ Duais Nobel