Siorrachd Bhaile na h-Ùige
'S e fear de na siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Siorrachd Bhaile na h-Uige (Beurla: Wigtownshire).[1] Gus an 19mh Linn, 's e "Gallobha-an-iar" a bha ann. Tha e suidhichte sa Ghall-Ghàidhealaibh ann an ceann a deas na dùthcha. Tha e air a bhith na phàirt Chomhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh bho 1975. Tha an siorrachd seo a' gabhail a-steach Leth-eilean na Machrach, Na Rannaibh agus pàirt mhòr Pàirc nan Coilltean Ghallobha. Còmhla ri Siorrachd Chille Chùithbeirt 's e na Stiùbhartachd a chanar ris.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Sir John Ross CB (1777–1856). Oifigear a' chabhalaich.
- Dyke White (1885–1933). dealbhadair-èibhinn.
- George Dickie (1912–1951). Comunnach.
- Bill Drummond (1955). ceòladair.
- Emma Harper (1978). Neach-poileataigs.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ach tha Ainmean-Àite na h-Alba a' moladh "Siorrachd Wigtown": “Wigtownshire/Siorrachd Wigtown”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn