Jump to content

Paul-Émile Lecoq de Boisbaudran

O Uicipeid
Paul-Émile Lecoq de Boisbaudran
Beatha
Breith Cognac, 18 dhen Ghiblean 1838
Dùthaich  An Fhraing
Bàs Paris, 28 dhen Chèitean 1912
Foghlam
Foghlam École polytechnique
Stiùiriche an teusais Charles-Adolphe Wurtz (en) Translate
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd ceimigear, fiosaigiche, neach-saidheans agus winegrower (en) Translate
Àitichean-obrach Paris
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Fhrangach nan Saidheansan

B' e ceimigear às an Fhraing a bha ann Paul-Émile Lecoq de Boisbaudran, a chanadh François Lecoq de Boisbaudran.

Beatha shaidheansail

[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'ionnsaich e ceimigeachd aig an École polytechnique ann am Paris fo Charles Adolphe Wurtz is stèidhich e ann an 1859 deuchainn-lann rannsachaidh ann am Paris far a rannsaich e speactromachd. Dh'fhoillsich e ann an 1874 leabhar glè chudromach san eachdraidh speactromachd, Spectres lumineux.[1] Lorg e gailium, samarium agus diospròsium le dòighean speactromachdail. An dèidh don taisgealadh argoin, mhol e gum bu fear buidhinn ùr nan eileamaidean, na gasan uasal. Ann an 1876 chaidh e na ridir an Légion d'Honneur Frangach agus ann an 1879 bhuannaich e am Bonn-Chuimhne Davy airson a thaisgealadh gailium.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Lecoq de Boisbaudran, Paul-Émile (1874): Spectres lumineux, spectres prismatiques et en longueurs d'onde. Paris: Gauthier-Villars.