Pardubice
Pardubice
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Pardubice | ||||
Sgìre | Pardubický kraj | ||||
Co-chomharran | 50° 02 19' Tuath 15° 46 45' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 77.71 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 89,693 (2017) | ||||
Dlùths | 1,154.2/km² | ||||
Àireamh fòn | + 773 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.pardubice.cz/ |
'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: okres) ann an cridhe Poblachd nan Seiceach a th' ann am Pardubice (IPA: pardubɪtsɛ, Gearmailtis: Pardubitz). Tha Pardubice suidhichte faisg air Hradec Králové, eadar Pràg agus Ostrava san roinn (Seacais: kraj) Pardubický, aig comar nan Aibhnichean Labe (Gearmailtis: Elbe), agus Chrudimka, aig 237m os cionn ìre na mara. Tha 89,693 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an deicheamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1295 mar Pordoba nuair a thogadh mainistir an seo agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918.[2] Thathar dhen bheachd gur ann às an ainm Porydęba, a bha na mhanach às A' Phòlainn. Bho 1560 a-mach, bha rìghrean na Seice a fuireach ann. B' ann anns an 19mh Linn a thoisich am baile fhàs, air sàilleabh gun do dh'fhosgladh loidhne rèile eadar Pràg agus Olomouc ann an 1845, a dheidheadh tro Phardubice. Nochd mòran thaigh-ghnìomhachais mar Hübner-Opitz[3] (1866), Prokop (1872), Fano (1889) agus Franck (1897). Ann dèidh A' Chogaidh Mhòir b' e stuth ceimigeachd a bha aig teas-mheadhan eaconomaidh a' bhaile leis a' chompanaidh Explosia, a tha a' dèanamh semtex an seo fhathast.[4] Anns An Dàrna Chogadh sheas muinntir Phardubice an aghaidh nan Nàsach agus b' ann ann a seo a chuireadh air bhog ionnsaigh Reinhard Heydrich, a rinneadh ann am Pràg ann an 1942.[5] Thugadh droch pheanas air an sgìre air fad. Chaidh cha mhor a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às a' bhaile is an dùthaich ann an 1946.
Daoine Aimeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Doetinchem
- Lodainn an Ear
- Golegã
- Jerez de la Frontera
- Pernik
- Rosignano Marittimo
- Schönebeck
- Selb
- Sežana
- Skellefteå
- Vysoké Tatry
- Waregem