Meatailt alcalaidh
Fo-sheòrsa de | meatailt, water-reactive substance, simple substance |
---|---|
Pàirt de | Clàr pillteach, main group, group 1 |
'S e buidheann de mheatailtean ann an clàr pillteach, litium, sodium, potasium, ruibidium, caesium agus fraingium, a tha anns na meatailtean alcalaidh. Tha iad anns a' chiad colbh, anns a' bhloca-s, agus tha an t-eileagtron as fhaide a-mach ann an atam-chuairt s. 'S an t-eileagtron seo as adhbhar do cheimigeachd nam meatailtean alcalaidh. Tha am feartan glè choltach ri chèile.
Tha haidridean cuideachd anns a' chiad colbh a' chlàr pillteach, ach cha e meatailt a tha ann.
Feartan stuthach
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an tàthadh meatailteach glè lag, mar sin tha na meatailtean bog agus na teòthachdan leaghaidh ìosal.
Feartan ceimigeach
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iad lasanta agus iad ag iom-obrachadh gu luath cuide ri uisge, mar sin taisgear e mar as trice fo ola. Cha lorgar na meatailtean seo mar mhèinnearan. Tha iad daonnan ann an salainn.