Jump to content

Lagh

O Uicipeid

Is e a tha anns an lagh ach àlach de riaghailtean stèidhichte air feadh nàisean. Is gnìomh an lagh an inbhe a dhaingneachadh aig gach pearsa. Nì an lagh seo le ainmeachadh an dà chuid: còirichean pearsanta aig daoine anns a' choimhearsnachd agus dleasdanasan pearsanta air daoine ris a' choimhearsnachd.

Tha laghan treubhail air a bhi stéidhichte aig ìre an treubh air feadh an t-saoghal, bho toisich tìm. Ach is ann do linn na seann Greugais a thoisich feallsanaich a ghabhail beachd air nàdar nan lagh còmhla le conceapan de ceartas an cothrom le dleasdanasan nan daoine agus cumhachd nan rìghrean.

Anns an latha an-diugh tha siostam-lagh fa-leth stèidhichte aig gach dùthaich neo-eisimileach air feadh an t-saoghal. Tha an suidheachadh seo a' leantainn air an ceart riatanach ri féin-riaghaladh a tha gach dùthaich a gléidheadh- Is buadh de dùthaich neo-eisimileach an ceart a dhèanamh laghan dhi pein.

Roinntean Mòr den Lagh

[deasaich | deasaich an tùs]

Lagh-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Is lagh-eòlas an roinn de feallsanachd a dhéiligeas leis an lagh.

Lagh Siobhalta

[deasaich | deasaich an tùs]

Is Lagh Siobhalta an roinn den lagh a dhéiligeas le còirichean-sheilbh: m.e seilbh de bathair, seilbh de fearann.

Lagh Eucoirean

[deasaich | deasaich an tùs]

Is Lagh Eucoirean an roinn den lagh a dhéiligeas le eucoir, m.e. meirle, muirt. Tha i a' gabhail a-steach lorg eucoirich, cuir casaidean gan aghaidh agus ma bhitheas an cuirt gan lorg ciontach, tha i a' leigeil sìos raon de peansachaidhean a tha freagarrach ris an eucoir.

Lagh Eadar-nàiseanta

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e a tha ann an Lagh Eadar-nàiseanta corp lagh a tha a riaghladh na càirdeasan eadar dùthchannan neo-eisimileach.

Air barrachd an sin tha roinn mor an siostam

Lagha na h-Albainn

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh gleidheadh air Lagh na h-Alba, na siostam lagh fa-leth bho lagh na Sasuinn fo Achd an Aonaidh de 1707. Is e Achd an Aonaidh, air a reachdadh le Parlamaid na h-Albainn agus le Parlamaid na Sasuinn a sguab as an da Phàrlamaid neo-eisimeileach sin agus a stèidhich an Rìoghachd Aonaichte le Pàrlamaid ann an Westminster a-mhàin.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]