Cocorná
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Eastern Antioquia, Antioquia |
Domhan-leud is -fhad | 6°3′28″N 75°11′7″W |
Làrach-lìn | http://cocorna-antioquia.gov.co/sitio.shtml |
'S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Cocorná. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1,300m os cionn ìre na mara agus 79km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. ‘ S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1830.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a' creidsinn gur ann às an ainm Cocorná, ceann-feadhna Tùsanach na sgìre, a tha ainm a' bhaile.[3] 'S e ainm Tùsanach a th'ann bho na Tamahí, tuatha a bha nan tàmh an seo nuair a ràinig na Spàinntich.[4]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 15,119 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 11,126 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ann ann am Cocorná fhathast.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cocorná, ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 79.5% dhe na daoine ann an Cocorná leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 15.5% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cocorná. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèisean Molienda: an Dùbhlachd.
- Fèisean a' Chùil Trova agus an Teòclaid: 20mh an Dùbhlachd.
- Latha Steidheachadh a' Bhaile: 20mh an Lùnasdal.
- Tilleadh: am Faoilleach.