Bangui
Bangui | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Ombella-M'Poko |
Co-chomharran | 4° 20" Tuath 18° 35" Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 67 km² |
Àireamh-shluaigh | 622,771 (2003) |
Dlùths | 9,295.09/km² |
'S e prìomh-bhaile Poblachd Meadhan Afraga a tha ann am Bangui. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 622,771 duine a’ fuireach an seo. ‘S e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte faisg air an Abhainn Ubangi, a tha na chrìochan eadar Poblachd Dheamocrach na Congo agus Poblachd Meadhan Afraga. Tha Bangui 786km air falbh bho Yaoundé (Camarun), 955km bho N'Djamena (An t-Siad), 1,970km bho Khartoum (Sudan), 1,445km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,033km bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo) agus 1,027km bho Bhrazzaville (A' Chongo).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 374m os cionn ìre na mara.[2]
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1889 anns a’ cholonaidh fhrangach Haut-Oubangui. Dh’fhàs am baile nas motha timcheall air an àite shaighdearach. [3] Tha port aige, tha bàtaichean-aiseig a’ dol gu Brazzaville agus Zongo. Tha Bangui ceangailte le rathaidean mòra gu Camarun, chun an t-Siad agus gu Sudàn. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann cuideachd: Bangui M'Poko International Airport.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Élie Doté: (1947 –) Neach-poileataigs.
- Nathalie Tauziat: (1967 –) Cluicheadair tennis.
- Jean-Serge Bokassa: (1972 –) Neach-poileataigs.
- Marcelin Tamboulas: (1980 –) Cluicheadair ball-coise.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Abhainn Ubangi; Baile Bhangui air a culaibh
-
Bangui air a' mhapa
-
Bùth ann am Bangui
-
dealbh Shaideil
Gnàth-shìde
[deasaich | deasaich an tùs]Tha gnàth-shìde bhog fhliuch theth ann am Bangui; Mar as àbhaist bidh an teodhachd bhliadhnail mu 25 °C, gun atharrachaidhean mòra ann, fad a’ bhliadhna. Tha tuiltean gu math cumanta aig toiseach àm an uisge, bhon An t-Ògmhios gu ruige An t-Samhain. Bidh 1,554 mm dhe uisge a’ tuiteam air a’ bhaile gach bliadhna.
![]() | |||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
Mìos | Faoilleach | Gearran | Màrt | Giblean | Cèitean | Ògmhios | Iuchar | Lùnasdal | Sultain | Damhair | Samhain | Dùbhlachd | Bliadhna |
Teodhachd as àirde ann am meadhan (Celsius) | 28 | 31 | 32 | 31 | 30 | 28 | 27 | 27 | 28 | 28 | 28 | 28 | 29
|
Teodhachd as ìsle ann am meadhan (Celsius) | 20 | 22 | 23 | 23 | 23 | 22 | 22 | 22 | 22 | 22 | 22 | 20 | 22
|
Làithean dhe uisge | 2 | 3 | 6 | 10 | 8 | 11 | 12 | 14 | 12 | 11 | 6 | 2 | 97
|
Bho: www.weatherbase.com[dead link] |
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomradh
[deasaich | deasaich an tùs] Abuja •
Accra •
Addis Ababa •
Algiers •
Antananarivo •
Asmara •
Bamako •
Bangui •
Banjul •
Bissau •
Brazzaville •
Bujumbura •
Cairo •
Conakry •
Cotonou •
Djibouti •
Dakar •
Diuba •
Dodoma •
El Aaiún •
Freetown •
Gaborone •
Harare •
Kampala •
Khartoum •
Kigali •
Kinshasa •
Libreville •
Lilongwe •
Lomé •
Luanda •
Lusaka •
Malabo •
Maputo •
Maseru •
Mbabane •
Mogadishu •
Monrovia •
Moroni •
Nairobi •
N'Djamena •
Niamey •
Nouakchott •
Ouagadougou • •
Port Louis •
Porto Novo •
Praia •
Pretoria •
Rabat •
São Tomé •
Tripoli •
Tunis •
Victoria •
Windhoek •
Yamoussoukro •
Yaoundé