České Budějovice
České Budějovice
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Jihočeský kraj | ||||
Sgìre | České Budějovice | ||||
Co-chomharran | 48° 58′ 29″ Tuath 14° 28′ 29″ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 55.56 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 96,053 (2009) | ||||
Dlùths | 1,728.82/km² | ||||
Àireamh fòn | +420 38 | ||||
Duilleag oifigeil | www.c-budejovice |
’S e České Budějovice (IPA: /ˈtʃɛskɛː ˈbuɟɛjovɪtsɛ/) (“Budweis” mar a theirear ris gu tric anns na cànanan eile) ceann-bhaile Bohemia a Deas anns an t-Seic. Is e am baile as motha dhen sgìre, agus an ochdamh baile as motha na dùthcha.
Cruinn-eòlas agus eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha České Budějovice na laighe ann am meadhan Bohemia a Deas, ann an srath na h-aibhne Vltava. Tha an abhainn Malše a’ ruith a-steach don Vltava faisg air meadhan a’ bhaile, agus tha lochan gu leòr san dùthaich mun cuairt, mòran dhiubh air an dèanamh le daoine anns an 15mh agus 16mh linn. Tha am baile a’ laighe 381 meatair (1,250 troigh) os cionn àirde na mara, agus tha a’ chrìoch bheanntach Šumava faisg anns an àird a deas.
- Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1256. Bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire bho 1867 gu ruige 1918.
Chaidh am baile a stèidheachadh le Hirzo, ridire do rìgh Přemysl Otakar II de Bohemia, anns a’ bhliadhna 1265. Dh’fhàs e na bu mhotha anns an 16mh linn a chionn mèinnearachd airgid, malairt, agus tuathanachas èisg. Bho thùs, bha a’ mhòr-chuid de na daoine Seiceach, mar a tha an-diugh, ach rè na linntean bha seo ag atharrachadh. B’ iad na Gearmailtich an dàrna poball a bu chudromaiche. Dh'fhàs e a bhith na cheann-bhaile air Bohemia a Deas aig toiseach na 20mh linn. Ann an Lùnastal 2002 bha tuil mhòr ann.
Poball agus gnìomhachas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha mu 96,000 duine buan-chòmhnaidheach sa bhaile (27/3/2009, [1]). Ach tha mu 12,000 oileanach ag ionnsachadh anns a’ bhaile aig Oilthigh Bohemia a Deas (5/1/2009, [2]) agus tha a’ chuid as motha dhiubh siud a’ tighinn à bailtean eile. Tha mu 95% dhen phoball Seiceach. ’S iad am mion-sluagh as motha na Ròmanaich (no daoine dubh-shiùbhlaich). B’ iad na Gearmailtich a’ mhòrchuid gus dèireadh na 19mh linn, agus an dàrna cuid a bu mhotha an dèidh sin, ach bha aca ris an t-Seic fhàgail an dèidh deireadh an Dàrna Cogaidh. Am measg nan daoine ainmeil a rugadh sa bhaile tha Vladimír Remek, a' chiad speuradair, ach a-mhàin an fheadhainn às na Stàitean Aonaichte agus às an Aonadh Sobhiat, a chaidh anns an fhànas.
Tha am baile ainmeil airson grùdaireachd leanna. Tha dà thaigh-grùide sa bhaile an-diugh. Tha Budějovický Budvar (“Budweiser Budvar Brewery” sa Bheurla) a' dèanamh Budějovický Budvar (“Budweiser Budvar”, mar a chanar ris anns an Roinn-Eòrpa, no “Czechvar”, mar a chanar ris anns na Stàitean Aonaichte agus Canada far a bheil “Budweiser Budvar” na ainm air leann bhon taigh-ghrùide Ameireagach Anheuser-Busch). Agus tha Samson (gu h-oifigeach: Budějovický měšťanský pivovar - “Budweiser Bier Bürgerbräu” sa Bheurla) a’ dèanamh “Samson”.
Tha factaraidhean cudromach eile ann, m.e.: Koh-i-Noor Hardtmuth (a’ dèanamh uidheam-sgrìobhaidh), Motor Jikov agus Robert Bosch (innleadaireachd), GAMA (bathar plastaig airson leigheas agus leigheas bheathach) agus Gamex (bathar plastaig airson gnìomhachas-bìdh).
Tha an stèisean cumhachd niuclasach Temelín 24 km (15 mìle) air àird a tuath a’ bhaile.
Seallaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha mòran togalaichean Gotach, linn an ath-bheòthachaidh is baroc ann an České Budějovice. ’S iad an fheadhainn as cudromaiche: Eaglais an Naoimh Moire bhon bhliadhna 1265 agus an “Černá věž” ( an Tùr Dubh) bhon 16mh linn. Tha a’ chuid as motha dhiubh ann am meadhan eachdraidheil a’ bhaile a tha na laighe mu thimcheall ceàrnaig mòire le talla a’ bhaile agus le sràidean fo dhìon air gach taobh dhith. Tha meadhan a’ bhaile air a chuartachadh leis an dà abhainn agus le “Canàl a’ Mhuilinn”.
Anns a’ bhliadhna 1827 thòsich a’ chiad rathad-iarainn air a tharraing le eich air mòr-thìr na Roinn Eòrpa, ’s e a’ ruith eadar České Budějovice agus Linz san Ostair (bha an dà bhaile anns an Ìompaireachd Ostaireach aig an àm ud). Tha taigh-tasgaidh dha a-nis sa bhaile.
Faisg air a’ bhaile (10km) tha an caisteal agus am baile Hluboká nad Vltavou no tobhta de chaisteil aig Jan Žižka (gaisgeach nàiseanta Seiceach) ann an Trocnov. Agus beagan nas fhada air falbh (30km) tha am baile Český Krumlov a tha air an liosta de làraichean dualchais na Cruinne aig UNESCO.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Rugadh Vladimír Remek, paidhleat, speuradair agus neach-poileataigs an seo 26 an t-Sultain 1948
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ http://aplikace.mvcr.cz/adresa/c/ceske/index.html Oifis Rìoghachd na Seice
- ↑ https://web.archive.org/web/20120218111340/http://www.jcu.cz/data_fakta Oilthigh na Bohemia a Deas
- ↑ TwinCities Nederland
- ↑ 4.0 4.1 4.2 4.3 4.4 4.5 BUDWeb.cz ("information server" a' bhaile)
- ↑ Stadt Linz
- ↑ 6.0 6.1 6.2 6.3 6.4 Làrach Talla a' bhaile