Jump to content

Ungairis

O Uicipeid

'S e cànan Fionn-Ungaireach a tha anns an Ungairis (Magyar san Ungairis, Hungarian sa Bheurla, Hungarica sa Laideann) a tha anns an teaghlach de chànain Ùraileach. Thathar ga bruidhinn san Ungair.

Anns a' bhuidheann Fionn-Ungaireach, lorgar cuideachd Fionnlannais, Eastoinis, Sàmais agus cuid de chànanan eile anns an Ruis. A measg nan cànan sin, tha Khanty agus Mansi nas fhaisge air Ungairis.

Daoine agus Dualchainntean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha timcheall air 14 millean neach a' bruidhinn Ungairis. Tha a' mhòrchuid aca, mu 10 millean, a' fuireach san Ungair agus 1.5 millean neach eile ann an Romàinia. Thathar cuideachd ga bruidhinn ann an Slovakia, taobh tuath na Sèirbe (Vojvodina), agus An Ucràin.

Tha i na cànan oifigeil anns an Ungair agus fear de na cànanan oifigeil sna Roinn Eòrpa. Tha i cuideachd na cànan oifigeil ann an Autonomous Republic of Vojvodina (Serbia) agus cuid de dh'àiteachan ann an Slovenia.

Tha dualchainntean ann an Ungairis ach chan eil iad cho eadar-dhealaichte o chèile nach gabhadh an tuigsinn.


Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]