Jump to content

A' Phruis

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o A' Phrùis)
A' Phruis
  15251947  
Bratach na dùthcha (1892-1918) Gearradh-arm (1871-1914)
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1525
Bliadhna mu Dheireadh 1947
Prìomh-Bhaile Königsberg (ro 1701 agus Berlin bho 1701)
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 141.1 km2
Àireamh-shluaigh 41,915,040 (1939)
Dlùths 297,059.11/km2

B' e a' Phruis (Gearmailtis: Preußen; Laideann: Borussia, Prutenia; Làitbhianis: Prūsija; Liotuànais: Prūsija; Pòlais: Prusy; Seann Phruisis: Prūsa) stàit neo-eisimeileachd ann am meadhan na Roinn Eòrpa far a bheil a' Phòlainn, a’ Ghearmailt agus Kalingrad, sgìre Ruiseanach ri taobh na Mara Bhaltaich an latha an-diugh. Bha a' mhòr-chuid de dh'fhearann na Pruise suidhichte eadar na h-aibhnichean Vistula agus Nemen.[1]

Thug a' Phruis thairis Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia fad an 18mh Linn, ann an co-bhann leis An Ostair agus An Ruis. Dh’fhàs a’ Phruis na bu chumhachdaiche is na bu chumhachdaiche[2] beag air bheag aig ìre na Roinn Eòrpa ro 1871 nuair a chaidh A’ Ghearmailt a stèidheachadh mar aon dùthaich.[3] ‘S e Königsberg a bh' ann a' chiad phrìomh-bhaile na Pruise, ach thaghadh Berlin mar phrìomh-bhaile ùr ann an 1701, o chionn 's gu robh e dìreach ann an meadhan na dùthcha. A bharrachd air sin, 's e a’ Phruis an dùthaich a fhuair an adhartas teicneòlais na bu motha anns an Roinn Eòrpa fad an 19mh linn.[4] B’ e dùthaich neo-eisimeileachd a bh' anns a’ Phruis bhon 17mh linn gu ruige 1871 nuair a ghabh Rìgh na Pruise thairis A’ Ghearmailt air fad, an dèidh buaidh a thoirt air An Danmhairg ann an Dàrna Cogadh Schlwesig ann an 1864 agus rinn iad a' chùis an aghaidh na h-Ostair ann an 1866 agus mu dheireadh thall chuir ruaig a chur air na Frangaich anns a’ Chogadh Frangach-Pruisianach ann an 1870 agus 1871.[5] Bha prìomh mhinistear na Pruise, Otto von Bismarck an sàs anns an iomairt gus A’ Ghearmailt a chur ris a chèile fo stiùireadh na Pruise airson Dàrna Reich (Gàidhlig: Rìoghachd) nan Gearmailteach a stèidheachadh is bha e na phrìomhair na Gearmailte an dèidh sin cuideachd.[6] Le sin, chaidh a’ Phruis à bith mar stàit ann an 1871, ged an do lean e gu ruige 1947 mar roinn.[7] Ann an 1853 chuir Riaghaltasan na Pruise agus na Diùcachd Oldenburg ainmean gu Còrdadh Jade (Gearmailtis: Jade-Vertrag),[8] a thug 3.13km² dhe talamh ri taobh Bàgh Jade dhan Phruis, far a bheil Wilhelmshaven an-diugh.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Encyclopédie Larousse
  2. Global Security
  3. Tacitus Historical Atlases
  4. New Advent
  5. La Guia
  6. Biografías y Vidas
  7. Tacitus Historical Atlases
  8. NWZ Online