Jump to content

Prìomh-Dhuilleag

O Uicipeid
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
Fàilte gu Uicipeid na Gàidhlig – an leabhar-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith!
Thòisich sinn anns an t-Sultain, 2003, agus tha sinn a-nis ag obair air 15,985 aistidhean anns a’ Ghàidhlig.
Mu Uicipeid
  • Seo Uicipeid na Gàidhlig. Ann an uicipeidean bidh iomadh neach ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh ann an iomadh cànan.
  • Tha 15,985 duilleagan san Uicipeid seo. Tha a h-uile tè dhiubh saor ri cleachdadh.
  • Dè th' ann an Uicipeid?: Faic an ro-ràdh airson barrachd fios mu bhun-stèidh Uicipeid.
  • Poileasaidhean na h-Uicipeid
  • Stadastaireachd
Taic is Cobhair
Artagail taghta
Tutanmhamun:
aghaidh òir

Bha Tutankhamun 'na phàraoh ann an 18mh rìoghrachas na h-Èipheit. Bha e a’ riaghladh mu thuaiream eadar 1332 agus 1323 RC rè linn ann an eachdraidh na h-Èipheit air a bheil an Rìoghachd Ùr (no Linn na h-Impireachd Ùr uaireannan). On a chaidh a lorg, canar Rìgh Tut ris gu tric. Bha ainm tùsail, Tutankhaten, a’ ciallachadh "dealbh beò Aten agus tha Tutankhamun a’ ciallachadh "dealbh beò Amun". Ann an dealbh-sgrìobhadh na h-Èipheite, sgrìobhar ainm mar Amen-tut-ankh a ghnàth an cois gnàthas an luchd-sgrìobhaidh a chuireadh ainm dè aig toiseach abairt mar urram dhan dia. Dh'fhaoidte gur esan an neach air a bheil Nibhurrereya ann an litrichean Amarna agus tha deagh-choltas gur esan Rìgh Rathotis 18mh rìoghrachas na h-Èipheit a bha a’ riaghlaidh, a-rèir an eachdraidhe Manetho, fad naoidh bliadhna, faid a tha a-rèir an tionndaidh dhen Epitome aig Manetho a sgrìobh Flavius Josephus.

Chaidh tuama Tutankhamun a lorg le Howard Carter agus Iarla Chaernarfon ann an 1922 agus leis gun robh e cha mhòr gun mhilleadh, ’s e naidheachd mhòr a bha ann air feadh an t-saoghail. Dhùisg e ùidh am measg nan daoine san Èipheit àrsaidh a-rithist agus tha aghaidh-choimheach Tutankhamun (ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Èipheit) ainmeil air feadh an t-saoghail fhathast. Chaidh buill-ealain às an tuam a thaisbeanadh dhan phoball air feadh an t-saoghail thairis air na bliadhnaichean. Chaidh rannsachadh DNA a dhèanamh air agus sheall an rannsachadh sa Ghearran 2010 gur esan mac Akhenaten (mumaidh KV55). Bu mhumaidh KV35YL (is chan eil fhios dè an t-ainm a bha oirre) an dà chuid piuthair agus bean Akhenaten. A dh’aindeoin sin, tha cinnt gur ise am mumaidh air a bheil a’ Bhaintighearna Òg a chaidh a lorg san tuama KV35. A chionn ’s gun do chaochail grunnan dhe na daoine a rannsaich tuama Tutankhamun air dòigh caran "annasach", tha cuid am measg an t-sluaigh dhen bheachd gun do chaochail iad ri linn mallachd nam phàraoh. ...leugh an corr


San latha an-diugh
Frédéric Chopin

'S e 17 an Dàmhair an 290mh latha dhen bhliadhna.


An robh fhios agaibh?

B' e bàrd Gàidhlig agus pìobaire a bh' ann an Iain Eairdsidh MacAsgaill no Bàrd Bheàrnaraigh (19 Gearran 18984 Ògmhios 1934).

B' ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha e. B' e mac Dhòmhnaill MhicAsgaill agus Anna Mhoireasdan a bh' ann. Bha piuthar aige, Effie. Bha aon bhràthair, Alexander, aige a chaidh ainmeachadh air a chlach-uaighe. Chaidh e do Sgoil Bheàrnaraigh eadar 1903 agus 1912. Ann an 1911, bha e agus a phiuthar Effie a' fuireach còmhla ri pàrantan am màthar, Calum agus Effie Moireasdan aig Croit 3, Borbh.

Nuair a dh'fhàg e sgoil, thòisich e ag obair mar chìobair agus chuir e seachad bliadhna ag obair do Chalum MacLeòid aig Sandhill. Liostaig e sna Cameron Highlanders an uair sin. Anns a' Chiad Chogadh, b' e pìobaire a bh' ann agus còmhla ri pìobairean eile sheòl e an rathad a-steach dhan chath aig Loos, an Fhraing san t-Sultain 1915...leugh an corr

Mòr-Eòlas
Saidheansan Teicneòlach is Gnìomhaichte

Àiteachas - Ailtireachd - Cian-chonaltradh - Coimpiutaireachd - Conaltradh - Croitearachd - Dealan - Eadar-lìon - Eòlas-leighis - Buain na mòna - Giùlan - Iasgach - Innleadaireachd - Teicneòlas

Saidheansan Daonna

Àrsaidheachd - Cànan agus Cànanachas - Corp-eòlas - Cruinn-eòlas - Eachdraidh - Eòlas-comainn - Eòlas-inntinn - Feallsanachd - Foghlam - Teagasg

Ealain, Dualchas is Cultar

Ainmean - Bàrdachd - Ceòl - Cultar mòr-thaitneach - Dannsa - Ealain - Ealain-lèirsinneach - Film - Litreachas - Meadhanan - Rosg - Spòrs - Ur-sgeulachdan

   
Saidheansan Nàdarra is Matamataig

Beathaichean - Bith-eòlas - Ceimigeachd - Eigeòlas - Eòin - Geòlas - Matamataig - Eòlas-nàdair - Reul-eòlas - Dùileòlachd - Staitistearachd

Poileataigs, Riaghaltas, Poball is Lagh

Àrainneachd - Comainn & Eagrachaidhean - Dreuchdan - Eaconomaidh - Gnothachas - Lagh - Malairt - Poileataigs - Teaghlach

Creideamh is Miotas-Eòlas

Adhbharachas - Ana-creideamh - Creideamh - Diadhaireachd - Miotas-eòlas - Spioradalachd

Uicipeidean ann an cànain eile

2,000,000 +

1,000,000 +
500,000 +
250,000 +
Cànanan Ceilteach


Meta-Wiki
Co-òrdanachadh a h-uile proiseact sna meadhanan "Wiki"
Commons
Coitcheann na h-Uicipeid
Wiktionary
Faclair (Gàidhlig)
Wikibooks
Leabhraichean is teacs saor an asgaidh
Wikispecies
Treòraiche ghnèithean beatha
Uicitobar
Leabharlann shaor an asgaidh (Gàidhlig)
Wikiquote
Cruinneachadh abairtean
Wikinews
Naidheachdan
Wikiversity
Stuth-ionnsachaidh saor an asgaidh