Sgùrr Fhuaran
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr Fhuaran. Tha e 1,067m de dh’àirde agus ’s e a' Bheinn Rothaich as àirde anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile.
Sgùrr Fhuaran | |
---|---|
Sgùrr Fhuaran bho Sgùrr na Ciste Duibhe | |
Àirde (m) | 1,067 |
Àirde (tr) | 3,501 |
Àirde rinneach (m) | 663 |
Màthair-mhullaich | A' Chralaig |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Còig Peathraichean Chinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NG978166 |
Co-chomharran: 57°11′47″N 5°20′46″W / 57.1964°N 5.3462°W
Dh'fhaodadh gu bheil an t-ainm a' ciallachadh gu bheil fuarain an sin, ach tha e aithnichte gu h-ionadail mar Sgùrr Ùrain, a dh'fhaodadh a bhith na h-ainm pearsanta, air neo dh'fhaodadh gur e odhar-choin as ciall dha[1].
'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap na còig beanntan ann an streath bho Bhealach na Lapain gu Allt a' Chruinn. Tha e comasach cuideachd cromadh air druim an iar Sgùrr Fhuaran air ais gu Gleann Seile.[2]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Peter Drummond (1991) Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust
- ↑ Sgùrr Fhuaran air Walk Highlands
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Sgùrr Fhuaran aig munromagic (Beurla)