Reykjavík
Reykjavík
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Ceàrn | Höfuðborgarsvæðið | ||||
Co-chomharran | 64°08' Tuath 56° 21’ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 274.5 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 117,721 (2007) | ||||
Dlùths | 428.86/km² | ||||
Àireamh fòn | +354 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.rvk.is/ |
Is e Reykjavik (IPA: ˈreiːcaˌviːk) am prìomh-bhaile ann an Innis Tìle, agus am prìomh-bhaile as thuaithe air feadh an t-Saoghal. Is e cuideachd am baile as motha den dùthaich. Tha e suidhichte san roinn Höfuðborgarsvæðið, 222km air falbh bho Ísafjörður. Anns a' bhliadhna 2007 's e 117,721 an àireamh-shluaigh den bhaile. Tha an t-ainm a' ciallachadh bagh far a bheil toit. Tha e a' buntainn dhan sgìrean-phàrlamaid Reykjavíkurkjördæmi suður agus Reykjavíkurkjördæmi norður.[1]
Eachdraidh
deasaichNochd an t-àite san 8mh caibideil dhen Landnámabók, nuair a ràining fear air an robh Ingólfur agus thog e taigh an seo:[2]
...hann bjó í Reykjarvík; þar eru enn öndugissúlur þær í eldhúsi.
Bha e a' fuireach ann an Reykjavík; tha colbhan gun anail fhathast sa chidsin.
Chaidh Pàrlamaid na dùthcha, air a bheil Alþingi, fhosgladh an seo ann an 1844 agus chaidh togalach a chithear an latha an-diugh, air a bheil Alþingishúsið a thogail ann an 1881.[3]
Daoine Ainmeil
deasaich- Tryggvi Þórhallsson: (1889 - 1935) Sagart agus neach-poileataigs.
- Halldór Laxness: (1902 - 1998) sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1955.
- Bjarni Benediktsson: (1908 - 1970) Neach-poileataigs.
- Gunnar Thoroddsen: (1910 - 1983) Neach-poileataigs.
- Geir Hallgrímsson: (1925 - 1990) neach-poileataigs.
- Steingrímur Hermannsson: (1928 - 2010) Neach-poileataigs.
- Magnus Magnusson: (1929 - 2007 craoladair.
- Vigdís Finnbogadóttir: (1965) neach-poileataigs.
- Jóhanna Sigurðardóttir: (1942) neach-poileataigs.
- Davíð Oddsson: (1947) neach-poileataigs.
- Jónína Leósdóttir: (1954) Sgrìobhadair.
- Ingibjörg Sólrún Gísladóttir: (1954) neach-poileataigs.
- Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir (1965) neach-poileataigs.
- Björk Guðmundsdóttir: (1965) Ceòladair.
- Óttarr Proppé: (1968) Ceòladair agus neach-poileataigs.
- Guðni Thorlacius Jóhannesson: (1968) Neach-teagaisg oilthigh agus neach-poileataigs.
- Bjarni Benediktsson: (1970) Neach-poileataigs.
- Guðmundur Steingrímsson: (1972) Neach-aithris agus neach-poileataigs.
- Sigmundur Davíð Gunnlaugsson (1975) neach-poileataigs.
- Katrín Jakobsdóttir: (1976) neach-poileataigs.
- Jón Þór "Jónsi" Birgisson (1977): ceòladair.
- Halldóra Mogensen (1979) neach-poileataigs.