Keir Hardie
B' e neach-poileataigs à Siorrachd Lannraig a bha ann an Keir Hardie.
Rugadh e ann am Baile a' Chuilinn faisg air Tobar na Màthar[1] 15 an Lùnastal 1856.
Thòisich e ag obair nuair cha robh e ach 8 bliadhna a dh'aois is bha e na mhèinnear nuair a bha e 11. Dh'inntrig e poileataigs nuair a stiùir e stailc nam mèinnear ann an Siorrachd Lannraig ann an 1881. Bhuannaich e taghadh mar thagraiche Làbarach Neo-eisimeileach airson Ham an Iar a Deas ann an Lunnainn ann an 1892 ach chaill e a sheat ann an 1895. Ath-inntrig e Pàrlamaid ann an 1900 airson Merthyr Tydfil anns a' Chuimrigh ann an 1900 is chaidh e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach nuair a chaidh a chruthachadh ann an 1906. Lean Arthur Henderson e mar cheannard ann an 1908 ach mhair e mar bhall Pàrlamaid, agus dh'iomairt e airson còraichean-bhòtaidh airson ban.[2]
B' e sìochantair a bh' ann agus rinn e iomairt an aghaidh Cogadh nam Boer agus a' Chogaidh Mhòir. Cha robh seo measail ann an 1914. Chaochail e 26 an t-Samhain 1915 ann am bochdainn agus phàigh am pàrtaidh airson an tìodhlacaidh.[3]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “Mr Keir Hardie”. Historic Hansard. Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “View of birthplace of James Keir Hardie, Legbrannock, Lanarkshire”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Historic Figures: James Keir Hardie (1856 - 1915)”. BBC - History. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “About Keir Hardie”. The Keir Hardie Society. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
Keir Hardie (1906–1908) • Arthur Henderson (1908–1910) • George Barnes (1910–1911) • Ramsay MacDonald (1911–1914) • Arthur Henderson (1914–1917) • William Adamson (1917–1921) • J. R. Clynes (1921–1922) • Ramsay MacDonald (1922–1931) • Arthur Henderson (1931–1932) • George Lansbury (1932–1935) • Clement Attlee (1935–1955) • Hugh Gaitskell (1955–1963) • Harold Wilson (1963–1976) • James Callaghan (1976–1980) • Michael Foot (1980–1983) • Neil Kinnock (1983–1992) • John Smith (1992–1994) • Tony Blair (1994–2007) • Gordon Brown (2007–2010) • Ed Miliband (2010–2015) • Jeremy Corbyn (2015–2020) • Keir Starmer (2020–)