Iom-obrachadh ceimigeach
'S e pròiseas nuair a tha moileciuilean ag atharrachadh no iomlaid ataman a tha ann an iom-obrachadh ceimigeach.
Ma thèid measgachadh air dà shusbaint a tha ag iom-obrachadh ri chèile, bithidh na susbaintean tùsail gan caitheamh agus a' cruthachadh susbaintean eile.
Seòrsachadh
deasaichRinn Christopher Ingold sgeama airson iom-obrachaidhean a sheòrsachadh.
- cur ris, nuair a tha dà atam a' cur ris moileciuil thar thàthaidh dùbailte agus a' dèanamh trì tàthaidhean singilte
- cur às, nuair a tha dà atam thar thàthaidh singilte a' fàgail moileciuil agus a' dèanamh tàthaidh dùbailte
- ionadachadh
- ath-chòireachadh
Iom-obrachaidhean ainmichte
deasaichDh'ainmichear iomadh iom-obrachadh air ceimigear no ceimigearan a rinn iad, mar eisimpleir an cur-ris Diels–Alder air Otto Diels agus Kurt Alder, an iom-obrachadh Heck air Richard Heck nach maireann, an iom-obrachadh Grignard air Victor Grignard agus an iom-obrachadh Suzuki air Akira Suzuki.